Research and analysis

Dèan cinnteach gu bheil am fiosrachadh agad nuair a nì thu co-dhùnadh mu Alba san àm ri teachd

Updated 21 August 2014

Family walk in the countryside

Seo còig dòighean anns am bi e na bhuannachd dhuinn fuireach san Rìoghachd Aonaichte.

1. Cùm an not.

Is e an not aon de na ruithean-airgid as treasa agus as seasmhaiche san t-saoghal. Is e bhith a’ fuireach san RA an aon dòigh as urrainn do dh’ Alba neart Banca Shasainn agus an not a ghlèidheadh mar a tha e an-dràsta. Bhiodh stèidheachadh ruith-airgid ùire ann an Alba neo-eisimeileach cosgail agus cunnartach.

2. Barrachd taice do sheirbheisean poblach.

An-dràsta, tha Alba a’ faighinn buannachd bho chosgais phoblach airson gach neach, rud a tha timcheall air 10% nas àirde na ìre chuibheasach na RA. Tha luchd-pàighidh chìsean air feadh na RA a’ cuideachadh le maoineachadh nan seirbheisean poblach deatamach a dh’fheumas sinn leithid slàinte is foghlaim. Tha luach suas ri £1,400 sa bhliadhna [footnote 1] ann do gach neach an Alba mar bhuannachd ionmhasail fhad-ùine le bhith a’ fuireach san RA.

3. Aon eaconomaidh, barrachd obraichean.

Tha Alba a’ dèanamh barrachd malairt leis a’ chòrr den RA na tha iad leis a’ chòrr den t-saoghal gu h-iomlan. Tha na ceudan de mhìltean de dh’ obraichean na h-Alba co-cheangailte ri malairt leis an RA. Le crìoch ùr eadar-nàiseanta agus siostam ruith-airgid eadar-dhealaichte, bhiodh malairt na bu dorra agus obraichean air an call aig àm sa bheil feabhas a’ tighinn air eaconomaidh na RA.

4. Cunntasan nas saoire.

Tha suidheachadh ionmhais na RA a’ cumail ìrean rèidh ìosal. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil morgaidsean agus iasadan nas saoire. Agus cuideachd tha ar meudachd nas motha a’ fàgail chunntasan dachaigh nas saoire. Le bhith a’ fuireach san RA bhiodh cunntasan lùtha teachdail do dhachaighean Albannach suas ri £189 sa bhliadhna nas ìsle.[footnote 2]

5. Math an dà shaoghail.

Bidh Pàrlamaid na h-Alba mu-thràth a’ tighinn gu co-dhùnadh mu chùisean cudromach leithid slàinte is foghlaim, agus tha barantas ann gum faigh Alba tuilleadh chumhachdan. Agus, mar phàirt de theaghlach na RA, gheibh sinn buannachd bho bhith a’ co-roinn ghoireasan agus a’ cur chunnartan còmhla. Le bhith a’ fuireach còmhla, faodar barrachd cho-dhùnaidhean a dhèanamh an seo ann an Alba le taic bho neart, sheasmhachd is thèarainteachd na RA.

Mother holds her baby

Tha neo-eisimeileachd a’ ciallachadh gum fàg Alba an RA - gu bràth. Is e co-dhùnadh mòr a tha seo agus tha a h-uile bhòt a’ cunntadh. Faigh tuilleadh fiosrachaidh aig gov.uk/youdecide2014

Facebook

Twitter

Gheibhear an leabhran seo ann an clò mòr, cruth èisteachd agus braille. Feuch an sgrìobh thu gu Oifis na h-Alba, 1 Melville Crescent, Dùn Èideann, EH3 7HW.